Гуру Песен Популярное
А Б В Г Д Е Ж З И К Л М Н О П Р С Т У Ф Х Ц Ч Ш Э Ю Я
# A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z

Kathleen MacInnes - Oran na Cloiche | Текст песни

Pesni.guru - сайт для Гуру

A' Chlach a bha mo sheanmhair
'S mo sheanair oirre seanchas
Air tilleadh mar a dh'fhalbh i
Mo ghalghad a' Chlach
'S gur coma leam i 'n Cearrara
An Calasraid no 'n Calbhaigh
Cho fad' 's a tha i 'n Albainn
Nan garbhlaichean cas

Ref : 'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha

Ga cur an àite tearmainn
A chumas i gu falachaidh
'S nach urrainn iad, nach dearg iad
Air sgealb dhith thoirt às
A' Chlach a chaidh a dhìth oirnn
Air faighinn às an ìnean
'S gu deimhinne, ma thill i
Tha 'n nì sin gu math

Mionnan air fear deàrnaidh
Gach màthair is mac
Nach leig sinn ann an gàbhadh
Am fear a thug à sàs i
'S a mhiontraig air a teàrnadh
À àite gum tlachd
Ma chuireas iad an làmh air
Chan fhuilear dhuinn bhith làidir
Is buill' thoirt air a thàillibh
Le stàilinn amach

'S bha 'm Ministear cho tùrsach
Sa mhadainn nuair a dhùisg e
'S praban air a shùilean
A' tionndadh amach
E coiseachd feadh an ùrlair
Ag ochanaich 's ag ùrnaigh
'S a' coimhead air a' chùil
Anns an d' ionndrainn e Chlach

Sin far robh an stàireachd
'S an ruith air feadh an làir ann
Gun smid aige ri ràidhtinn
Ach "Càit 'n deach a' Chlach?
'S a Mhoire, Mhoire, Mhàthair
Gu dè nì mise màireach
Tha fios a'm gum bi bhànrainn
A' fàgail a beachd"

Gun tuirt e 's dath a' bhàis air
"Cha chreidinn-sa gu bràth e
Gu togadh fear bho làr i
Nach b' àirde na speach
Tha rudeigin an dàn dhomh
'S gun cuidicheadh an tÀgh mi
Bha' n duine thug à sàs i
Cho làidir ri each"

Статистика страницы на pesni.guru ▼
Просмотров сегодня: 1
Видео
  • Oran a Cloiche - Kathleen MacInnes and Sarah ... Oran a Cloiche - Kathleen MacInnes and Sarah ...
    From Transatlantic Sessions 5. With Mike McGoldrick, Russ Barenberg and Donald Shaw.
  • Mànran with Kathleen MacInnes - Oran na Cloiche ... Mànran with Kathleen MacInnes - Oran na Cloiche ...
    Oran na Cloiche at the O2 ABC in Glasgow by Mànran as part of Celtic Connections 2013 ...
  • Oran na Cloiche - Kathleen MacInnes with Cathy ... Oran na Cloiche - Kathleen MacInnes with Cathy ...
    Latha na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Kathleen, Cathy Ann is Mairi sa Chaibeul aig ...
  • Mànran ~ Oran na Cloiche Mànran ~ Oran na Cloiche
    Mànran ~ Oran na Cloiche .... The one that Kathleen MacInnes done of this song good ...
  • Kathleen Maclnnes - Òran na Cloiche Kathleen Maclnnes - Òran na Cloiche
    Kathleen Maclnnes - Òran na Cloiche. guase1 ... Kathleen MacInnes - Oran ...
  • Ceolraidh Ghaidhlig Ghlaschu - 'Oran na Cloiche ... Ceolraidh Ghaidhlig Ghlaschu - 'Oran na Cloiche ...
    GGMA Ceolraidh Ghaidhlig Glaschu - 'Oran na Cloiche' Annual Concert ... Oran na ...